John Norman MacLeod

Sabhal Mòr Ostaig – Revival and Growth: Gaelic at the heart of our community  

Bho chionn ghoirid, tha Sabhal Mòr Ostaig air a bhith a’ comharrachadh 40 bliadhna bhon a chaidh a’ Cholaiste a stèidheachadh. Bhon uair sin, tha cliù na Colaiste air a bhith a’ sìor dhol am meud agus i a’ cosnadh aithne mar Ionad Nàiseanta Cànan agus Cultar na Gàidhlig. ‘S e Sabhal Mòr Ostaig an aon ionad foghlaim àrd ìre far am faighear oideachadh gu lèir tro mheadhan na Gàidhlig agus far a bheil oidhirp mhòr air a dhèanamh àrainneachd Ghàidhlig a ghlèidheadh. Tha Sabhal Mòr Ostaig air a h-aithneachadh cuideachd mar cholaiste spèisealta taobh a-staigh Oilthigh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, le seasamh a’ mhion-chànain ri a soilleireachadh agus a rèiteach aig amannan agus ann an suidheachaidhean sònraichte. Le bhith a’ co-obrachadh le buidhnean agus coimhearsnachdan, tha a’ Cholaiste gu mòr an sàs ann an leasachadh eaconamach, cultarach agus sòisealta. Tha ath-bheòthachadh na Gàidhlig an eisimeil air rannsachadh a nì sinn air a’ chànan agus tron chànan, an co-bhonn ri buidhnean, coimhearsnachdan agus ionadan foghlaim àrd-ìre eile.

 

Sabhal Mòr Ostaig has recently been celebrating the 40th anniversary of the founding of the College. Since then, the reputation of the College has continued to grow, and it is gaining recognition as the National Centre for Gaelic Language and Culture. Sabhal Mòr Ostaig is the only higher education centre where one can study entirely through the medium of Gaelic, and where there is a sustained effort to maintain a Gaelic environment. Sabhal Mòr Ostaig is also recognised as a special college within the University of the Highlands and Islands, at times involved in explaining and negotiating the role of the minority language in particular contexts. Through collaboration with groups and communities, the College is deeply engaged in economic, cultural and social development. The revitalisation of Gaelic is dependent on the research that we conduct on the language and through the language, in partnership with groups, communities and other higher education institutions.